le Stuart McHardy, eadar-theangaichte gu Gàidhlig le Fearghas MacFhionnlaigh
Click here tae read this airticle in Scots
Click here to read this article in English
Is fhada bhon a chuala sinn an gearradh-cainnt ud gur ann leothasan a gheibh buaidh a thèid an eachdraidh a sgrìobhadh. Bhiodh e nas fhaisg air an fhìrinn, ge-tà, a chantainn gu bheil eachdraidh air a sgrìobhadh le daoine a bha pàighte leothasan a thug buaidh. Ge b’e eachdraidh a th’againn ann an Alba, thàinig e bho phinn mhanach agus shagartan, oir b’ann acasan a-mhàin a bha an comas-sgrìobhaidh.
Aon rud air leth annasach a thaobh eachdraidh. Tha na h-eòlaichean-eachdraidh air am pàigheadh gu bhith rannsachadh, teagasg agus sgrìobhadh mun àm a chaidh, ach shaoileadh tu bhon ghiùlan aca gun do chur teachd an litreachais às don bheul-aithris. Ma nithear iomradh idir air beul-aithris, thathar a’ dèanamh dìmeas air mar “faoin-sgeulan” no “naidheachdan beaga” gun stà. Cha do sguir daoine sgeulachdan innse dìreach a chionns gun do thòisich daoine eile air na chuimhnich iad mu thachartasan a bhreacadh sìos air pàipeir. Cha tàinig sgur riamh air innse sgeulachdan agus ma dh’fhaoite gu bheil fiosrachadh ann an cuid dhiubh a nì feum a thaobh soillseachaidh ar n-àm a chaidh.
Is e rud eile mu sgeòil gu bheil buaidh aca fhathast, seasamh nan sgoilearan ann no às, air ciamar a bhios sinn a’ sealltainn air eachdraidh. Gabh MacBheatha, mar eisimpleir. Ma leughas tu eachdraidhean Albannach nàiseanta agus ionadail bhon 18mh is 19mh linn, tha eachdraidh MhicBheatha daonnan an aon rud. Canar nach robh ann ach murtair aintighearnail agus bu mhath an airidh na rinn Calum a’ Chinn Mhòr ris aig deireadh cùise. Is i an fhìrinn, ge-tà, nach eil ann an seo ach ath-aithris dràmatach an sgeòil le Seugspir. Cha robh eachdraidh san amharc idir.
Am measg ar n-eachdraichean a bu shine bha cuid a chunnaic MacBheatha mar thagraiche don chrùn a bha a cheart cho iomchaidh ri Donnchadh. Agus nuair a ghabh e an rìgh-chathair rinn e riaghladh, a-rèir coltais, fad seach bliadhna deug a bha sìtheil airson a’ mhòrchuid. Gu dearbh bha iad cho sìtheil ‘s gun d’fhuair MacBheatha ùine a dhol air thaisteal chràbhach don Ròimh. Tha fiùs fianais ann gun robh a bhean Gruoch air a bhith na mnaoi aig Donnchadh roimhe, rud a thogas ceistean inntinneach mu bhuaidh nam boireannach ann an saoghal “fearail” rìghrean na h-Alba.
Is e cnag na cùise an seo, ge-tà, gun robh daoine foghlaimte, a sgrìobh mu eachdraidh na h-Alba thar ùine mhòir, toilichte gu leòr dealbh-chluich sgrìobhte le coigreach a riochdachadh mar eachdraidh fhìrinneach. Nise, bha làn-fhios aig Seugspir dè bha e ris, agus chuir e buidseachd a-steach don dràma gus ùidh an rìgh a thogail. Is ann aigesan a bha fios gu robh Seumas I agus VI beò-ghlacte le cùisean diabhlaidh. A-rèir coltais bha e mothachail cuideachd gu robh gràin aig Seumas air a h-uile nì “Ceilteach”. Coltach ris a’ mhòrchuid de mhonarcan Albannach agus an uairsin Breatannach, dh’fhuathaich Seumas na fineachan Gàidhealach ri linn an dlùth-leantainn ris na nòsan aca fhèin a thaobh tànaisteachd** agus dìlseachd. Cuideachd ri linn na tàire a rinn iad air an lagh is òrdugh a bhathar a’ feuchainn ri spàrradh orra bhon phrìomh-bhaile. Uime sin chruthaich “Bàrd na h-Abhainne” (Bard of Avon) dearg shlaightear airson a dheilbh-chluich Albannaich.
Ach carson an do ghabh a’ mhòr-shluagh ris a seo mar fhìor eachdraidh? Gu sìmplidh a chionns nach robh fios no forfhais aca. Riamh bho 1707 tha eachdraidh na h-Alba air a bhith chur an suarachas an coimeas ris a’ chuspair dìolain ud, Eachdraidh Breatannach. Is e a th’ anns an Eachdraidh Bhreatannach ach Eachdraidh Sasannach le tarraing no dhà air na h-Albannaich, na Cuimrich agus na h-Èireannaich, anns an òrdugh sin. Agus chì sinn ann an cùis MhicBheatha eisimpleir de sgeul a chaidh a chreidsinn mar an fhìrinn fad ghinealaich. Is dòcha gu bheil sinn a’ faicinn chùisean ann an dòigh nas soilleire san là an-diugh, ach tha eisimpleirean eile ann de fhiaradh.
Dìreach mar a sgrìobhar eachdraidh le buadhaichean, dh’fhaodadh sgeulachdan leigeil ris na bha cudromach do dhaoine aig an àm nan coimhearsnachdan fhèin. B’ann air sàilleibh rannsachaidh a bha mi dèanamh air “cateran” (= “Highland cattle raider” > Gàidhlig: “ceatharnach”) àraidh a thachair mi air pailteas fhiosrachaidh a dhearbh nach tàinig a ’45 gu làn stad as dèidh Chùl Lòdair. Sna bliadhnachan a lean air a’ bhlàr ud, bha a’ chuid a bu mhò den Ghàidhealtachd, agus raointean farsaing den Ghalltachd, gearastanaichte leis an arm Bhreatannach. Tha fianais dheimhinnte ann a tha sealltainn seo ach cha deach a foillseachadh riamh. Carson nach deach? A chionns gun cuireadh i an aghaidh na teachdaireachd a tha eachdraidh Breatannach ag iarraidh innse – nach b’e ar-a-mach Seumasach 1745 ach dibhearsain, meantraig eu-dòchasach deireannach de shòisealtas a bha dol fodha ann am muir-lìonadh an t-saoghail ùir.
San aon dòigh thathar a’ cantainn gu robh MacBheatha gamhlasach cracte agus a bhean na bu mhiosa. Agus Calum a’ Chinn Mhòir, na oighre urramach na rìgh-chathrach a thug buaidh air MacBheatha, mar as trice air a riochdachadh mar dlùth do na Sasannaich. Is dòcha gu robh. Bha a bhean chràbhach Màiread na fògarrach à Sasainn, bhon a dh’fhàillig a bràthair na oidhirp air rìgh-chathair na dùthcha sin.
Is e fo-theacs na cùise gu robh Calum mas fhìor na dheagh ‘ille a bha fosgailte don t-saoghal ùr, fhads a bha MacBheatha a’ riochdachadh saoghal fada-chaithte na sean Alba. Seo an rud, ma-tà. Nuair a bhàsaich Calum cha deach an rìgh-chathair don mhac as sine aige. Chaidh i do a bhràthair Dòmhnall Bàn, agus as a dhèidh chaidh i do mhic a bhrathar, a lìon fear is fear. Chan e prìomh-ghineadais a bh’ ann (còir a’ mhic as sine air an rìgh-chathair). Bha e na bu choltaiche ri seann ghnàths treubhail a thaobh còir-sheilbh (FMF: cf tànaisteachd**), a bha fhathast cumanta am measg nan treubh a rinn suas a’ mhòr-chuid de shluagh na h-Alba san 11mh linn, an dà chuid Gàidhealach agus Gallda.
Is lèir buil eachdraidh a’ Bhreatainn. Oidhirp air Alba a dhealbhadh cho coltach ‘s a ghabhas ri Sasann, gus taic a thoirt don bheachd nach eil e ach nàdarra gu bheil sinn co-cheangailte. A rèir coltais chan eil e gu diofar gun robh ar sinnsearan fhathast, goirid ro Chunnradh an Aonaidh, a’ cumail sùil air an àird a deas chan ann airson comhairle no gliocas ach fo eagal ionnsaigh.
Agus bho chionn Cunnradh an Aonaidh tha iadsan air a bheil ainm a bhith dìonadh dearbh-aithne cultarach nàiseanta na h-Alba, is e sin an Lagh, an Eaglais agus na h-Oilthighean, toilichte gu leòr a leithid de chunntas a reic. Tha iad air a bhith cofhurtail leis an t-suidheachadh mar a tha e. Agus chan e tuiteamas a th’ ann gun d’èirich na h-uibhir de luchd-stiùiridh institiudan mar seo bhon chlas eile beannaichte leis an Aonadh, na h-uachdarain. Ged a bha an sinnsirean uair nan cinn-feadhna agus eòlach gu leòr nach robh annta ach gnàth-dhaoine coltach ri càch. Agus dìreach mar a chaidh na h-uibhir de ar fearann a ghoid leis na h-uachdarain* tha ar n-eachdraidh fhèin a dhubhadh às le geatairean Scotia Subjectus.
Gu dòchasach, cha bhi cùisean mar sin mòran nas fhàide.
___________________________________________________
* faic The Poor Had No Lawyers le Andy Wightman
**(FMF) Dwelly’s Gaelic Dictionary: Tànaisteachd: The regulative law of Celtic succession. It embraced certain main features, one of which was that the succession was always continued in the family of the chief within three degrees of relationship to the main line. Brothers succeeded preferably to sons to provide the tribe with a leader in all enterprises, while the succession was always obliged to he carried on with the approval of the clan — Clan Donald, iii. Form of government under which the eldest of the family was entitled to succeed to the sovereignty or lordship on the death of the ruling prince or lord, during whose lifetime the tànaiste was Commander-in-chief.
___________________________________________________
Stuart McHardy is a writer and story-teller and is the author of A New History of the Picts, published by Luath Press in 2011.